Am Pod-Chraoladh | Eapasod 3 - Flòraidh Stevenson
Am Pod-Chraoladh: Fuaran di Fèisean nan Gàidheal
Note sull'episodio
Seo an treas eapasod de na ceithir pod-chraolaidhean ùr a tha a’ tighinn a-mach thar na seachdainean a tha romhainn, far am bi Deirdre Ghreumach a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️
Tron sreath seo, bidh Deirdre a' còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Cluinnear mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛
An-diugh, tha Deirdre a' bruidhinn ri Flòraidh Stevenson. Tha Flòraidh aig Oilthigh Ghlaschu far a bheil i a' sgrùdadh litreachas na h-Alba, agus Gàidhlig. Tha i cuideachd na ball de Chomann Oiseanach Oilthigh Ghlaschu agus bi i tric an sàs ann an seiseanan seinn, a' gabhail òra ...